Càrn Ghleann Dail aig 50

Air fhoillseachadh
Carn Ghleann Dail

Chaidh leth-cheud bliadhna a chomharrachadh as t-samhradh seo bhon a thogar càrn ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach mar chuimhneachan air strì an fhearainn anns a' cheàrnaidh sin.

Air a' chàrn tha cuimhe air ceathrar a fhuair am prìosan ann an Dùn Èideann ann an 1883 airson na strì a rinn iad - sin Dòmhnall MacLeòid, Seonaidh Moireasdan, an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim agus 'An Cananach' mar a bh' aig daoine air, Iain Mac a' Phearsain.

Ach tha ceistean anns an là an-diugh mun t-seòrsa cothrom a ghabh iad air na còirichean-fearainn a fhuair iad agus mun atharrachadh mòr a thàinig air Oighreachd Ghleann Dàil anns an leth-cheud bliadhna mu dheireadh.

Strì

Bhruidhinn Dòmhnall Peutan nach maireann nuair a chaidh an càrn fhosgladh gu oifigeil ann an Gleann Dail ann an 1970, agus dh'innis e mar a chaidh athair a chur dhan phrìosan ann an Inbhir Nis aig àm strì an fhearainn airson sia seachdainean.

"Cha b' urrainn dhaibh casaid a chuir na aghaidh", thuirt Mgr Peutan a' bruidhinn aig an àm.

Agus thuirt e gun deach a mhathair 's a theaghlach a chur a-mach às an taigh is cha robh esan ach trì seachdainean a dh'aois aig an àm.

Ràinig cùisean an ìre is gun robh sabaid a' dol leis na poilis agus thàinig long làn shaighdearan a Ghleann Dail airson dèiligeadh ris na daoine agus chaidh an ceathrar a chaidh ainmeachadh, a thoirt air falbh a sheasamh cùirt.

Tha Ruaraidh Dòmhnallach a' fuireach ann an Cealabost far a bheil an càrn na sheasamh: "Tha e coltach gun robh cùisean cho dona agus nuair a bha am bàillidh agus an t-uachdaran a' tighinn timcheall, nam biodh cù agad, dh'fheumte bus a' choin a chumail dùinte. Cha robh iad airson cù a bhith agad idir mus marbhadh iad na coineanaich.

Sabaid

"Tha cuimhne agamsa air bràthair mo sheanair ag innse dhomh gun robh cuimhne aige air na saighdearan a' tighinn a-staigh a Ghleann Dail.

"Bha daoine a' sabaid airson am pìos grunnd a bh' aca airson beagan cofhurtachd agus a bhith beò. Cha robh ann ach a' bhochdainn," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Rugar agus thogar Ailean Caimbeul ann an Cealabost: "Bha daoine uaireanan a' càineadh nan uachdaran agus cha robh iad gun choire idir ach gu math tric bha na bàillidhean na bu mhiosa na na h-uachdarain. Gun teagamh sam bith 's e am bàilidh aig an robh smachd air oighreachd Ghleann Dail a bha na mhathair adhbhair de thòrr dhe na trioblaidean.

"Agus ann an 1882 bha e air tighinn chun a h-ìre is nach leigeadh e le croitearan an àite coiseachd tarsaing air cuid dhen fhearann air sgàths gun robh iad a' cuir dragh air an stoc aige-san.

"Chan fhaodadh iad coin a chumail agus chan fhaodadh iad pàipearan-naidheachd a leughadh ach nan toireadh esan cead dhaibh. Bha iad ann an droch shuidheachadh.

Coinneamh

"Chaidh coinneamh a ghairm anns an eaglais thall ann an Gleann Dail sa Ghearran 1882 agus aig a' choinneimh a tha sin stèidhich iad meur ionadal dhen a 'Land League', an iomairt a bha sin a bha a' dol airson còirichean croitearan", thuirt Mgr Caimbeul.

Dh'fhosgail brathair athair, Niall MacFhearghais, an càrn ann an Gleann Dail.

"Bha e ann an inntinn nan daoine gu feumadh iad fo Dhia cumail ris na riaghailtean aig a' stàit ach 's e rud mòr a bha sin. Ach sa choimhearsnachd ann a sheo bha iad a' coimhead air ais gu Knox agus bha Knox ag ràdh - chan eil mòran eagail nuair a tha ceart no adhbhar ceirt air do thaobh", thuirt Mgr MhicFhearghais.

Chruinnich muinntir na sgìre air a' mhìos seo aig a chàrn le moit is pròis mu na daoine a bh' air an cuimhneachadh - ach le beagan bròin cuideachd leis mar a tha gnothaichean air a dhol thairis air an leth-cheud bliadhna a dh'fhalbh.

Dìleab

Chan eil mòran chloinne air fhàgail anns an sgìre agus a rèir Ruaraidh Dhòmhnallaich chan eil ùidh ann an gin dhiubh ann an eachdraidh na sgìre.

"S e rud a bha duilich is a tha duilich, dà ghinealach air adhart bhon an àm a chaidh an oighreachd a cheannach gu bheil sliochd nan daoine a fhuair na còirichean a tha sin, nach robh iad air chomas, airson caochladh adhbharan an dìleab a bh' aca ann a sheo a ghlèidheadh. Agus reic iad e", thuirt Mgr Caimbeul.

"Agus tha sin a' ciallachadh gun tàinig coigrich a dh'fhuireach anns an àite agus an-diugh gu bheil an t-uamhas dhen chultur is dhen dualchas is gu dearbh dhen eachdraidh air a dhol air chall", thuirt e.