Iomairt an Inbhir Nis mu phàigheadh NHS

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Rathaig Mhòir

Bidh luchd-obrach Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis am measg na bhios a' togail fianais Dimàirt mu phàigheadh.

Tha seo mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta aig an aonadh Unison 's iad ag iarraidh gum faigh luchd-obrach an NHS gu lèir àrdachadh pàighidh mar thaing airson na rinn iad tro èiginn a' Choròna-bhìorais.

Thèid astarachadh sòisealta a chur an sàs san iomairt.

Crìonadh

Tha Unison ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aonta pàighidh trì bliadhna an NHS fhosgladh às ùr.

Thuirt an t-aonadh gum faca luchd-obrach an NHS crìonadh sa phàigheadh aca thairis air an deich bliadhna mu dheireadh, le cuid aca am measg an fheadhainn as lugha a tha a' cosnadh an Alba.

Thuirt iad gun do chuir èiginn Chovid-19 ris an t-suidheachadh le cosgaisean a bharrachd a' tighinn air luchd-obrach na slàinte a thaobh cùraim chloinne, còmhdhail, is fiù 's a bhith a' ceannach uidheamachd PPE dhaibh fhèin.

Tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, air aontachadh coinneachadh ri Unison gus a' chùis a dheasbad.