Stiùireadh is soilleireachd san Eilean

Dòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan

  • Air fhoillseachadh
Pàirc nan LaochTùs an deilbh, Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Aig deireadh an leabhair iomraitich aige a' comharrachadh 100 bliadhna de Chamanachd an Eilein Sgitheanaich, thog Màrtainn Dòmhnallach nach maireann air an dàimh eadar iomain agus coimhearsnachd.

"In a sense the health of shinty has been a measure of the health of the community", sgrìobh Màrtainn, is e ag innse mar a thug an dà chogadh mòr san 20mh linn iomain gu ceann airson ùine, is mar a bha suidheachadh eaconomach an eilein cuideachd buailteach buaidh a thoirt air an spòrs.

Cho-dhùin e gun robh iomain agus Camanachd an Eilein Sgitheanaich air tòrr a chur ris an eilean, gu dearbh gun robh iad air barrachd a dhèanamh na cur-seachad no buidheann sam bith eile airson fèin-aithne na coimhearsnachd a bhrosnachadh.

"Guma fada mhaireas sin", sgrìobh Màrtainn.

Bha e doirbh gun cuimhneachadh air na faclan aige anns na làithean mu dheireadh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich air an t-seasamh aca air tilleadh na h-iomain às dèidh staing a' choròna-bhìorais a mhìneachadh.

Cha mhòr 30 bliadhna às dèidh dha Màrtainn Dòmhnallach innse mar a bha cogadh air bualadh air iomain, bha èiginn gu math diofraichte air an spòrs fhàgail na tàmh.

Uabhas

Èiginn a bhuail aig cridhe coimhearsnachd an Eilein Sgitheanaich.

Nuair a dh'fheuch an t-eilean ri dèiligeadh ri Covid-19 agus an suidheachadh uabhasach aig dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh, thàinig taic bhon chluba camanachd is rèis bhiortail a chuir iad air dòigh a' togail còrr is £20,000 a dh'ionnsaigh iomairt coimhearsnachd.

Agus a' toirt daoine còmhla aig àm fìor dhuilich dhan sgìre.

A-nise le coltas gu bheil smachd gu ìre aig an rìoghachd air Covid-19 is seòrsa de bheatha àbhaisteach a' tilleadh, tha brag nan caman ri chluinntinn a-rithist ann an cuid de dh'àiteachan.

Tha feadhainn air a bhith a' trèanadh - le ceadan is riaghailtean sònraichte na chois - is Comann na Camanachd ag amas air an t-Sultain airson geamaichean farpaiseach a thòiseachadh às ùr.

Rud a tha a' fàgail cuid dòchasach, cuid toilichte, is feadhainn eile rudeigin frionasach.

Ceistean

Oir tha ceistean gu leòr a' leantainn. Às dèidh nam mìosan mu dheireadh, nach eil e nàdarra gu leòr gu bheil feadhainn caran mì-chinnteach. Gu bheil iad co-dhiù a' ceasnachadh a bheil e sàbhailte iomain a thòiseachadh às ùr? A bheil e iomchaidh aig an ìre seo?

Uallachaidhean air am bi gach cluba a' meòrachadh.

Agus 's e sin a dh'fhàg gun do chuir gu leòr fàilte bhlàth air brath Camanachd an Eilein deireadh na seachdain.

Às dèidh dhaibh bruidhinn ris na cluicheadairean aca, dh'aontaich na Sgitheanaich gun obraich iad a dh'ionnsaigh trèanadh a thòiseachadh an ath-mhìos.

Fuirichidh iad ge-tà, gus am bi na sgoiltean air a bhith air ais airson ceithir seachdainean gus measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh san fharsaingeachd.

Bidh e an urra ri gach cluicheadair fa leth a bheil iad airson trèanadh.

Mar a thuirt cathraiche a' chluba, Fiona Cruickshank, air Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal, "Cha bhi pressure sam bith orra".

Prìomhachas

Agus a bharrachd air sin, cha chluich na Sgitheanaich geamaichean farpaiseach idir am-bliadhna.

"Cho-dhùin sinn mar chluba gum faodadh cunnart nas motha a bhith ann dha na coimhearsnachdan againn le geamaichean a chluich, is tha sinn 'son prìomhachas a chur air trèanadh is leigeil leis na cluicheadairean againn fàs cleachdte ris 'an àbhaist ùr'", thuirt iad.

B' e teachdaireachd shoilleir, chiallach is reusanta a bh' ann. Teachdaireachd a chaidh calg-dhìreach an aghaidh cuid den ghòraiche a chunnacas bho chuid ann am ball-coise na h-Alba anns na seachdainean mu dheireadh.

Teachdaireachd a chuir prìomhachas air coimhearsnachd an Eilein Sgitheanaich, agus a mhisnicheas, 's dòcha, feadhainn eile ann an coimhearsnachd na h-iomain san fharsaingeachd a tha mì-chinnteach mun t-slighe a bu chòir dhaibh fhèin a leantainn.

Bidh fàilte orra ma chluicheas iad is cha bhi nàire sam bith ann ma tha iad 'son feitheamh beagan nas fhaide.

Stiùireadh is soilleireachd bho Chamanachd an Eilein. Coimhearsnachd aig cridhe a' ghnothaich.

Tha e h-uile coltas ann gu bheil an fheallsanachd air an do thog Màrtainn Dòmhnallach ann an 1992 cho fìor 's a bha i a-riamh.

Guma fada mhaireas sin gu dearbh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh