Oidhirp gus lusan tearc a shàbhaladh
- Air fhoillseachadh

Nì luchd-glèidhteachais oidhirp gus lusan tearc a shàbhaladh anns a' Mhonadh Ruadh.
Tha leithid lus-linneus, no an twinflower, air a bheil gucagan beaga pionca, an impis a dhol à bith san sgìre.
Tha a' bhuidheann charthannais Plantlife Scotland an ceann pròiseict ceithir bliadhna a tha ag amas, am measg eile, air an dìthean seo a stèidheachadh ann an còig àiteachan ùra.
Tha an glas-luibh chùbhraidh, no an one-flowered wintergreen, cuideachd ann an cunnart.
Thathas an dòchas a chur ann an dà àite ùr.
Bidh iad cuideachd a' leasachadh teicneolais gus sùil a chumail air mar a bheir Atharrachadh na Gnàth-shìde buaidh air àrainnean cugallach air na mullaichean.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba agus Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a' cur taic ris an iomairt agus tha airgead a' tighinn bho Mhaoin Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta.
Thuirt Gwenda Diack bho Phlantlife gun robh i an dòchas gun gabhadh am mòr-shluagh ùidh anns an obair aca.