Tagradh do luchd-càmpachaidh
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air daoine le bhanaichean-càmpachaidh is carabhanaichean àite a chur air dòigh aig làraich chàmpachaidh oifigeil mus tadhal iad air na h-eileanan.
Thuirt an t-ùghdarras nach tug cuid de dhaoine feart do dh'iarrtasan a rinn iad roimhe.
Tha coimhearsnachdan air a bhith a' gearain gu bheil sgudal agus salachar dhaoine an dèidh bhith air fhàgail aig oir an rathaid.
Chan eil a h-uile làrach anns na h-Eileanan Siar air fosgladh a-rithist ge-tà às dèidh dhaibh dùnadh air sgàth a' choròna-bhìorais.
An dèidh iarrtais bhon chomhairle, chuir CalMac teachdaireachd air an làraich-lìn aca ag iarraidh air daoine àite oifigeil a chur air dòigh mus tèid iad dha na h-eileanan le bhana-chàmpachaidh no carabhan.
Tha seo a' tighinn is mòran ag iarraidh gun tèid barrachd a chosg air bun-structar turasachd ron t-seusan an ath-bhliadhna.
Dh'iarr comhairlichean Gàidhealachd barrachd maoineachaidh airson taighean-beaga poblach, binichean agus maoir-dhùthcha na bu tràithe air a' mhìos seo.