Fear an grèim an dèidh bàis an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Poilis ann an sgìre an Leacainn an Inbhir NisTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX
Fo-thiotal an deilbh,
Poilis ann an Inbhir Nis far na bhàsaich an duine.

Chuir na poilis fireannach, 65, an grèim às dèidh do dhuine eile bàsachadh ann an Inbhir Nis.

Chaidh na poilis a ghairm is aithris ann gun robh buaireadh a' dol eadar dithis fhireannach ann an sgìre an Leacainn timcheall air 18:00 Diluain.

Bhàsaich fireannach, 55 bliadhna a dh'aois, aig an làraich.

Tha bàs an duine ga sgrùdadh agus tha na poilis ga mheas mar chùis amharasach.