Dàil air co-dhùnadh mu thaighean ùra an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
BreigicheanTùs an deilbh, PA

Chaidh dàil a chur air co-dhùnadh a thaobh cead-dealbhachaidh do sgeama thaigheadais mòr ann an Inbhir Nis.

Dh'iarr buill air a' chomataidh dhealbhachaidh mu dheas aig Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh fiosrachaidh mu na planaichean aig Tulloch airson còrr air 150 taigh a thogail ann am Muileann an Leigheis.

Nochd cuid san sgìre dragh mun bhuaidh a dh' fhaodadh a bhith aig na taighean ùra a thaobh tuiltean, a-measg eile.