Àrd-oifigear ùr airson NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh àrd-oifigear ùr ainmeachadh dha NHS na Gàidhealtachd.
'S i Pam Dudek, a bha mu dheireadh os cionn Bòrd Amalaichte Mhoireibh, fad cha mhòr sia bliadhna.
Bidh i na dreuchd ùr bhon Dàmhair.
Com-pàirteachas
A' cur meall a naidheachd oirre, thuirt an t-Àrd Oll. Boyd Robastan, Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, gu bheil e misneachail gun cuidich Pam le a bhith a' coileanadh amas a' bhùird agus le bhith a' cur ri cultar de cho-obrachadh agus com-pàirteachas.
Thuirt Pam Dudek gu bheil i anabarrach toilichte a bhith a' dol dhan dreuchd aig an àm seo agus gu bheil i a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri daoine air feadh na sgìre gus deagh chùram is seirbheisean a thoirt dhan mhòr-shluagh.
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gun deach a' Bhean-phòsta Dudek fhastadh gus leasachaidhean aig a' bhòrd slàinte a thoirt air adhart.
Burraidheachd
'S i an ceathramh àrd-oifigear ann an dà bhliadhna.
Thàinig air a' bhòrd dèiligeadh ri mòran chasaidean de bhurraidheachd thairis air an àm sin agus sgrùdadh neo-eisimealach.