Sgrùdadh mu phlanaichean luchd-iùil

  • Air fhoillseachadh
Plèana

Thèid rannsachadh a dhèanamh le Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean mu dè an seòrsa buaidh a bhios aig na planaichean aca gus luchd-iùil nan itealan a thoirt còmhla aig aon làrach ann an Inbhir Nis, air na coimhearsnachdan eileanach far an robh iad stèidhichte chun seo.

Tha na planaichean aig HIAL air dragh mòr adhbhrachadh a-measg chomhairlean ionadail, aonaidhean-ciùird is eile.

Thugadh cead dhaibh an-uiridh leis an riaghaltas, ge ta.

Tha HIAL ag ràdh gu bheil an siostam ùr, a chosgas £28m, riatanach airson seirbheisean anns an àm ri teachd.

Bidh an luchd-iùil stèidhichte aig New Century House ann an Inbhir Nis agus thèid an siostam ùr a chur an sàs ann an eadar 10 is 15 bliadhna.

Thuirt Àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, nach eil dleastanas laghail orra an sgrùdadh a dhèanamh agus nach tèid faighneachd am bu chòir na planaichean a dhol air adhart.