Seann Rathad an Airm dùinte a-rithist
- Air fhoillseachadh

Tha obair a' leantainn aig an A83.
Tha Seann Rathad an Airm ann an Gleann a' Chrò ann an Earra-Ghàidheal dùinte a-rithist is dùil ri uisge trom.
Bithear a' cur an rathaid gu feum mar shlighe-èiginn nuair a tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful.
Tha am prìomh rathad dùinte an-dràsta às dèidh maoim-slèibhe bho chionn cola-deug.
Rabhadh
Dh'innis BEAR Alba gun deach Seann Rathad an Airm a dhùnadh aig meadhan-là Dimàirt is rabhadh buidhe an sàs airson uisge throm tron là.
Thèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a-rithist tràth madainn Diciadain feuch a bheil e sàbhailte an rathad fhosgladh às ùr.
San eadar-ama, feumaidh dràibhearan slighe eile a ghabhail a' cleachdadh rathaidean an A83, A82, A85 agus an A819.