Cobhair ga dhèanamh air luchd-caidheig
- Air fhoillseachadh

Rinn an RNLI, maoir-chladaich agus soitheach leis a' Chabhlach Rìoghail cobhair air luchd-caidheig ann an Loch Thoirbheartain.
Thuirt na poilis gun deach triùir a thoirt a-mach às an loch agus gu bheilear a' faighinn cùram meidigeach.
Bha bàta-teasargainn Phort Rìgh, heileacoptair mhaoir-chladaich Steòrnabhaigh, HMS Cataibh agus bàt'-iasgaich aig an làraich a' tabhainn cuideachaidh.
Chaidh fios a chur a-mach gun robh an luchd-caidheig ann an trioblaid aig 11:45 madainn Dimàirt.