Maill eile le aiseagan MhicFhearghais

  • Air fhoillseachadh
MV Glen SannoxTùs an deilbh, CMAL

Tha dàil a bharrachd air na h-aiseagan an Glen Sannox, a fhrithealas Eilean Arainn, agus Hull 802, a tha gu bhith ruith eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.

Tha dùil a-nise nach bi an Glen Sannox deiseil gu eadar an Giblean 's an t-Òg-mhios 2022, is nach bi Hull 802 deiseil gu eadar an Dùbhlachd 2022, 's an Gearran 2023.

Dh'fhàgadh sin iad còig bliadhna air dheireadh.

Chuir Rùnaire na h-Eaconomaidh Fiona Hyslop a' choire air Covid-19, ach rinn na pàrtaidhean dùbhlanach càineadh air cho fadalach sa tha iad agus mar a tha cosgais nam bàtaichean air èirigh.

Thuirt Fiona Hyslop nach cur a' mhaill ùr seo ris a' chosgais idir.

Mar sin, tha dùil gun cosg iad mu £200m aig a' cheann thall - a-rèir na thuirt an riaghaltas fhèin an-uiridh.

Tha sin dhà uimhir is còrr air na bha còir aca cosg.