50,000 bradan air teicheadh an Cinn Tìre
- Air fhoillseachadh

Thàinig e am bàrr gun deach aig mu 50,000 bradan air teiche à ceidsichean aig tuathanas èisg a bhris acair ann an Cinn Tìre an t-seachdain seo chaidh.
Bhàsaich 30,000 iasg is chaidh milleadh a dhèanamh air ceithir de na deich ceidsichean.
Dh'fhalbh an tuathanas èisg ann an Càradal a Tuath ron ghaoith ann an droch shìde air an 20mh den Lùnastal is Stoirm Ellen a' bualadh air Alba.
'S ann leis a' chompanaidh Mowi a tha e.
Rannsachadh
Dh'innis iad gun do sheall sgrùdadh a rinn daibhearan gur e mar a bhris ròpannan a bha a' ceangal an tuathanais ri acairean air a' ghrunnd a bu choireach.
Thuirt iad gun tèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air na ròpannan.
Bha còrr is 500,000 bradan anns na ceidsichean bho thùs.
Thuirt Buidheann Dìon na h-Àrainneachd gu bheil dragh orra mun bhuaidh a bheir seo air stocan dùthchasach a' bhradain, leis gum faodadh an t-iasg às an tuathanas cron a dhèanamh orra le bhith a' briodadh leotha.
"Ged a tha sinn riaraichte gun deach na ceidsichean a thilleadh dhan àite cheart is nach deach truailleadh mòr a dhèanamh, tha sinn a' còmhradh ri Mowi agus Buidheann Mara na h-Alba, air a bheil dleastanas suidheachaidhean mar seo a làimhsicheadh", thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 An Lùnastal 2020