Rabhadh mun A83

  • Air fhoillseachadh
A83 aig an Rest and be ThankfulTùs an deilbh, BEAR SCOTLAND
Fo-thiotal an deilbh,
Tha obair a' leantainn aig an A83.

Thàinig rabhadh bho fhear de na gnothachasan as soirbheachaile ann an Earra-Ghàidheal gur dòcha gum bi aca ri pàirt den obair aca a ghluasad a-mach às an sgìre mura tig fuasgladh maireannach dha na trioblaidean aig an Rest and Be Thankful.

Tha an A83 fhathast dùinte ann an Gleann a' Chrò às dèidh maoime-slèibhe aig toiseach an Lùnastail.

Ged a tha an t-slighe èiginn, Seann Rathad an Airm, ga chur gu feum, tha sin cuideachd air a bhith dùinte aig amannan nuair a tha uisge trom ann.

Tha maoimtean-slèibhe air bualadh air an A83 san sgìre tric is minig thar nam bliadhnaichean, ged a chaidh na milleanan Notaichean a chosg feuch an rathad a dhìon.

Tha gnothachasan ann am meadhan Earra-Ghàidheal a' gearan mun bhuaidh a tha an suidheachadh a' toirt orra.

"Sgrios"

Dh'innis Chris Clark bho Thaigh-Òsta an George ann an Inbhir Aora gun robh companaidhean ionadail mar-thà a' fulang ri linn ChOVID-19.

Thuirt e gu bheil dùnadh an rathaid air "sgrios" a dhèanamh.

Thàinig rabhadh nas làidire bho Eisirean Loch Fìn anns a' Chàrn Dubh aig ceann an locha.

Thuirt manaidsear na companaidh, Cameron Brown, gu bheil an suidheachadh ga dhèanamh gu math doirbh luchd-obrach fhaiginn a-steach, agus maorach beò a chur air falbh.

"Bidh seo mar as trice a' tachairt sa gheamhradh is tha dùil againn ris", thuirt Mgr Brown.

Fuasgladh

"Ach san Lùnastal? Chan fhaca sinn sin a-riamh.

"Feumaidh rudeigineach tachairt a dh'aithghearr: Tunail, fasgadh, no nas fheàrr buileach - drochaid tro mheadhan a' ghlinne.

"Tha sinne a' feuchainn ris an làrach a tha seo a leudachadh, ach 's dòcha gum biodh e na b' fhasa dhuinn pàirt den obair a ghluasad a dh'aiteigin eile, can an taigh-smocaidh a chur a dh'Inbhir Chluaidh, agus dìreach taigh-bìdh a bhith againn an seo.

"Tha tòrr mhì-chinnt ann", thuirt e.

Tha BEAR Alba ag ràdh gu bheil na sgiobaidhean aca ag obair a là 's a dh'oidhche gus an A83 fhosgladh cho luath 's a ghabhas.