Gearraidhean aig Mowi

  • Air fhoillseachadh
Bradan

Dh'innis a' chompanaidh àrach bhradain as motha a th' ann gun tèid àireamh an luchd-obrach gu h-eadar-nàiseanta a ghearradh 10% thairis air an ath cheithir bliadhna.

Tha a' chompanaidh Mowi stèidhichte ann an Nirribhidh.

Thuirt iad gu bheil na cosgaisean a tha a' tighinn orra ag èirigh nas luaithe na an atmhorachd.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil na toraidhean aca airson a' chiad leth den bhliadhna a' sealltainn dùbhlain ann am margaidh na h-Alba gu sònraichte.

Dùbhlain

Thuirt iad gu bheil galairean is mialan mara ann an tuathanasan èisg na h-Alba a' ciallachadh gun tàinig orra bradan a spadadh is a ghiollachd nas tràithe na bha dùil aca.

Tha dùil gum bi toradh na h-obrach aca ann an Alba sìos 8,000 tunna an taca ris an-uiridh, is dùil gun tig àrdachadh eile ann an cosgaisean san treas chairteal den bhliadhna.