Cobhair ga dhèanamh air cìobair
- Air fhoillseachadh

Rinneadh cobhair air cìobair a thuit 30 troighean le creig air taobh sear na Gàidhealtachd.
Bha luchd-teasairginn ag obair grunn uairean de thìde gus an duine fhaighinn a-mach à gill air Uisge Fionn Èireann.
Chuir duine a bha ag obair còmhla ris a' chìobair fios air na seirbheisean èiginneach madainn Dihaoine, an dèidh dha tuiteam le creig gu grunnd tioram aibhne ann an Srath Èireann.
Bha na Maoir-Chladaich, luchd-eiridinn agus luchd-smàlaidh ag obair còmhla grunn uairean de thìde gus a thoirt às a' ghil dhan do thuit e.
Tha e a-nis anns an ospadal.
Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gun robh an gil gu math cas agus cumhang, agus gun robh craobhan san rathad air an obair-teasairginn.
B' fheudar eòlaichean air teasairginn ròpa a thoirt a-steach à Ceann a' Bhuirgh, Inbhir Nis agus Inbhir Narann airson an cuideachadh.
Rinneadh cobhair air coin an duine cuideachd.