Ceannaichidh an NHS Dachaigh-Chùraim Home Farm
- Air fhoillseachadh

Thèid dachaigh-chùraim anns an Eilean Sgitheanach anns an robh sgapadh mairbhteach dhen Choròna-bhìoras a cheannach le NHS na Gàidhealtachd.
Bhàsaich deichnear aig Dachaigh-Chùraim Home Farm ann am Port Rìgh as t-samhradh.
Ghabh am bòrd slàinte thairis ruith an àite bho HC-One às dèidh òrdugh cùirte èiginnich.
Thug Riaghaltas na h-Alba £900,000 seachad airson na dachaigh-cùraim a cheannach.
Thèid an luchd-obrach a chumail air.
Chuir Ball Pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, fàilte air an naidheachd.