Tuarastal cheannardan ga dheasbad aig a' Chomhairle
- Air fhoillseachadh

Thèid draghan mu thuarastal luchd-obrach aig àrd-ìre aig Comhairle na Gàidhealtachd a dheasbad Diardaoin.
Tha mì-thoileachas air a bhith ann anns na seachdainean mu dheireadh mu phàigheadh is gnothaichean ionmhais eile co-cheangailte ri cuid de cheannardan aig an ùghdarras.
Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle an toiseach nuair a thàinig e am bàrr gun robh Àrd-Oifigear 'son Ionnsachaidh is Foghlaim gus cosg cha mhòr £250,000 dhan Chomhairle sa bhliadhna eadar tuarastal is airgead 'son buidheann-fastaidh a chleachd iad.
Dh'fhàg Pòl Senior a dhreuchd às dèidh dìreach trì mìosan.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise air Nicky Ghrannd, a bha ann an àrd-dhreuchd ann an roinn an fhoghlaim aca mar-thà, a chur san obair gu h-eadar-amail.
Structar
Bha an tuilleadh connspaid ann nuair a nochd e gun d' fhuair fear a bha na Stiùiriche 'son Seirbheisean Coimhearsnachd faisg air £500,000 agus e a' fàgail an ùghdarrais.
Dh'fhalbh Uilleam Gilfillan mar phàirt de chrathadh a tha a' Chomhairle a' toirt air structar stiùiridh na buidhne.
Dh'innis ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, gun d' fhuair Mgr Gilfillan an t-suim air an robh e airidh, is gheall i gun tèid airgead a chùmhnadh leis an atharrachadh a tha iad a' toirt air structar an stiùiridh.
A dh'aindeoin sin, tha mì-thoileachas a' leantainn.
Thuirt an Comh. Abrach, Anndra Bacasdair, gu bheil esan feargach nach eil a' Chomhairle air innse dè dìreach a chosg fastadh Phòl Senior dhan bhuidhinn.
"Do-chreidsinneach"
"Tha e do-chreidsinneach dhomh nach tèid innse do chomhairlichean is dhan phoball dè chosg seo air sgàth aonta dìomhaireachd a rinneadh nuair a chaidh an cùmhnant a stèidheachadh", thuirt an Comh. Bacasdair.
"Chan eil mi a' tuigsinn ciamar a tha sin ceadaichte. Thèid tuarastal chomhairlichean is àrd-oifigeach fhoillseachadh gach bliadhna is chan fhaic mi carson a bhiodh e diofraichte do dhuine sam bith eile a bha air am fastadh tro bhuidhinn-fastaidh", thuirt e.
Dh'innis an Comh. Bacasdair gu bheil daoine amharasach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh cho-dhùnaidhean mòra air cùl dhorsan dùinte.
Thuirt e gu bheil e riatanach gun tèid ceannardan a cheasnachadh gu poblach.
Thèid na draghan a thogail às ùr aig coinneimh den ùghdarras Diardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An Lùnastal 2020
- 31 An t-Iuchar 2020