Rannsachadh neo-eisimeileach a dhìth mu bhurraidheachd?

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd

Tha taic a' fàs airson rannsachaidh neo-eisimeilich mu chasaidean gu bheil burraidheachd a' dol air adhart ann an seirbheisean slàinte agus cùraim ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Tha seo às dèidh rannsachaidh na bu tràithe am-bliadhna am measg luchd-obrach ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta na sgìre, a tha fo stiùir an HSCP - sin an compàirteachas eadar Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid agus NHS na Gàidhealtachd.

Bho chionn còrr is bliadhna chaidh an aithisg aig Iain Sturrock QC fhoillseachadh mu bhurraidheachd taobh a-staigh NHS na Gàidhealtachd.

A rèir na h-aithisg dh'fhaodadh gun do dh'fhuiling na ceudan cultar de dh'eagal is de ghiùlain mhì-iomchaidh anns an àite-obrach aca.

Aig an àm chaidh moladh gun deadh ath-sgrùdadh fa-leth a dhèanamh air an t-suidheachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Suirbhidh

Chuir Caidreachas Slàinte agus Obair-shòisealta suirbhidh air dòigh am measg 1,500 den luchd-obrach aca eadar an Gearran 's an Giblean. Fhuair iad 508 freagairt.

Thuirt còrr is 150 neach gun do dh'fhuiling iadsan burraidheachd anns na sia mìosan ron sin. Agus am measg nam freagartan thuirt 344 gun robh iad air burraidheachd fhulang san àite-obrach aig àm air choireigin.

Ach a rèir Chathraiche an HSCP, an Comh. Kieron Green, tha ceumannan gan gabhail airson dèiligeadh ris.

"Tha sinn air plana 100 là a chur an gnìomh airson dèiligeadh ris na puingean a chaidh a thogail," thuirt an Comh. Green.

"Co-cheangailte ri sin tha sinn air barrachd ionmhais a chur ri goireasan daonna airson dèanamh cinnteach gu bheil an taic a tha a dhìth air an luchd-obrach ann.

"Tha sinn air trèanadh a bharrachd a chur air dòigh airson daoine a chuideachadh ri bhith a' dèiligeadh ri gnothaichean a tha ag adhbhrachadh thrioblaidean.

"Agus tha luchd-stiùiridh gan dèanamh fhèin nas fhollaisiche agus iad a' ruith sheiseanan dà thrup san t-seachdain a' toirt a' chothrom do luchd-obrach bruidhinn mu dheidhinn sìan sam bith a tha a' cur dragh orra," thuirt an Comh. Green.

Earbsa

An-uiridh thuirt Mgr Sturrock gum bu chòir beachdachadh air ath-sgrùdadh bhon taobh a-muigh.

Tha an Comh. Dougie Philand ag aontachadh ris a' bheachd sin, agus e air 12 gearain a chluinntinn air a' mhìos a chaidh seachad.

"Fhuair mi post-d an oidhche-roimhe bho chuideigin a bha dìreach air an sgrathachadh mu bhith a' dol a dh'obair an ath-là, agus chuir sin eagal orm oir ma tha am plana-gnìomha an sàs, agus gu bheil an taic ann, tha e follaiseach gu bheil daoine ann nach eil a' faighinn na taice sin no air a bheil an t-eagal iarraidh air a shon," thuirt an Comh. Philand.

"'S ann air sàilleibh sinn a dh'iarr mi coinneamh comhairle bho chionn ghoirid airson sgrùdaidh neo-eisimeilich, oir tha mise a' creidsinn gu bheil na daoine air an robh dragh san àite-obrach fhathast a' faireachdainn gu bheil seo a' dol air n-adhart taobh staigh na buidhne.

"Sin far a bheil an duilgheadas. Ciamar as urrainn dhut earbsa a chur san t-siostam mura bheil mòran air atharrachadh," thuirt e.

Leis gu bheil roinn na slàinte agus na h-obrach sòisealta a-nis fon aon stiùireadh anns an HSCP, tha an Comh. Philand ag iarraidh gun coimhead an ath-sgrùdadh ri luchd-obrach ann an obair shòisealta cuideachd.

Tha NHS na Gàidhealtachd air an leisgeul iarraidh orrasan a dh'fhuiling burraidheachd anns an àite-obrach aca.