Obair bhann-leathainn gus tòiseachadh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Càballan LAN

Tòisichidh obair às ùr gus bann-leathann fìor luath a thoirt do na sgìrean as iomallaiche air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan deireadh na bliadhna, a rèir Riaghaltas na h-Alba.

Bha cùmhnant ùr a dhìth a dhèanamh cinnteach nach biodh na sgìrean as fhaide à Inbhir Nis fhàgail a-mach às a' phrògram, air na deach maill a chur ri linn dùbhlain laghail.

Chaidh an cùmhnant a thoirt do BT, a bh' air a' chiad chùmhnant fhaighinn.

Ach, chuir a' chompanaidh Gigaclear, a bh' air a bhith a' tagradh airson a' chùmhnant cuideachd, dùbhlan ron cho-dhùnadh, 's iad ag ràdh gun robh laigsean anns a' phròiseas tagraidh.

Tha an Riaghaltas a-niste air tighinn gu aonta leis a' chompanaidh, ged nach tèid fiosrachadh a bharrachd a sgaoileadh ri linn aonta dìomhaireachd.

Thuirt Ministear a' Cho-cheangail, Pòl Wheelhouse, gu bheil slighe a-niste fosgailte 'son an obair a thòiseachadh às ùr deireadh na bliadhna.