"Trioblaidean farsaing" le luchd-turais an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
CàraicheanTùs an deilbh, Neil Fuller
Fo-thiotal an deilbh,
Chunnacas seallaidhean mar seo ann an grunn àiteachan air a' Ghàidhealtachd as t-samhradh.

Dh'innis oifigich Comhairle na Gàidhealtachd gun robh "trioblaidean farsaing" ann leis an àireimh de luchd-turais a bha ann an Loch Abar as t-samhradh.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh Chomataidh Loch Abair Diluain, tha oifigich ag ràdh gun robh cùisean gu math sàmhach san sgìre as t-earrach air sgath riaghailtean glasaidh a' Choròna-bhìorais, ach gun tàinig luchd-turais nan dròbhan as t-samhradh.

Thuirt iad gun robh trioblaidean ann air rathaidean singilte is dràibhearan nach do chleachd àitichean-seachnaidh mar bu chòir.

Thog iad cuideachd air cuid a thàinig ann am bhanaichean-campachaidh ach nach robh eòlach air carbadan mòra a dhràibheadh air rathaidean beaga.

Bha tàire ann le càraichean air am pàrcadh ann an àiteachan nach robh ceadaichte is na poilis tric a' dol an sàs.

Dh' innis an aithisg gun robh duilgheadas ann cuideachd le dìth ghoireasan do bhanaichean-campachaidh sgudal is eile a chur bhuapa is cuid de làraich dùinte.

Molaidhean

A bharrachd air sin, tha an aithisg ag ràdh gun robh suidheachaidhean ann an cuid de choimhearsnachdan far an do chuir daoine bacaidhean an sàs air rathaidean poblach gus stad a chur air luchd-turais.

Chuir na h-oifigich sreath de mholaidhean air adhart airson leasachadh a thoirt air cùisean 'son seusan na h-ath-bhliadhna.

Nam measg, tha iad ag ràdh gum bu chòir barrachd àiteachan pàrcaidh a chur air dòigh, 'son a bhith air an cleachdadh tron là agus tron oidhche, agus cìsean a chur an sàs 'son an cleachdadh.

Tha moladh ann cuideachd coimhead ri sgeamaichean far am b'urrainn do dhaoine an càr fhàgail agus bus a ghabhail.

Bu chòir cuideachd coimhead ri taighean-beaga a leasachadh agus barrachd shoidhnichean is eile a chleachdadh 'son daoine oideachadh.

Thathas a' moladh cuideachd gun aontaich Comhairle na Gàidhealtachd aona phoileasaidh airson na sgìre gu lèir a thaobh luchd-tadhail a làimhsicheadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh