Co-chomhairle an A83
- Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairle air molaidhean gus slighe an A83 atharrachadh feuch maoimtean-slèibhe ann an Gleann a' Chrò a sheachnadh.
Chaidh an A83 a dhùnadh san sgìre tric is minig thar nam bliadhnaichean le poll is creag a' tighinn a-nuas air an rathad.
Dh'fhosgail an rathad às ùr an t-seachdain seo fhèin às dèidh dha a bhith dùinte dà thuras san Lùnastal agus san t-Sultain.
Tha Còmhdail Alba a-nise a' sireadh bheachdan air 11 mholadh 'son fuasgladh maireannach a lorg.
Molaidhean
Am measg nan roghainnean, tha slighe an rathaid tro Ghleann a' Chrò atharrachadh air neo ceanglaichean rathaid ùra a stèidheachadh tro ghleanntan eile faisg air làimhe.
Ach thathas cuideachd a' coimhead ri molaidhean eile a chuireadh ceanglaichean stèidhichte tarsainn air a' Ghearr Loch, Loch Long, Loch Fìne, Caol Bhòid, no tarsainn air Chluaidh.
Gheibhear na molaidhean an seo.
Feumaidh freagairtean a bhith a-staigh ron 30mh den Damhair.
Tha dùil gun tèid slighe a thaghadh as t-Earrach an ath-bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 An t-Sultain 2020