Iomain a' coimhead ri crìonadh-sluaigh

  • Air fhoillseachadh
Iomain

Dh'innis Comann na Camanachd gu bheil iad a' coimhead air nas urrainn dhaibh a dhèanamh gus sluagh a chumail ann an sgìrean dùthchail.

Thuirt buidheann riaghlaidh na h-iomain gu bheil iad air rannsachadh a dhèanamh gu sònraichte a thaobh chlubaichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus na dùbhlain as motha a th' aca.

Bhruidhinn Niall Dòmhnallach, a tha na rèitire iomain, ri 13 clubaichean san sgìre.

Nochd iad dragh mu chrìonadh-sluaigh, gainnead de theaghlaichean is òigridh, trioblaidean le luchd-taic saor-thoileach gu leòr fhaighinn, agus na th' ann de dhàrna dachaighean san sgìre is mar a tha sin a' bualadh air iomain.

Thuirt iad gu bheil na gnothaichean seo uile a' fàgail gu bheil duilgheadasan aca le ginealach ùr de chluicheadairean iomain a thoirt air adhart.

Buidheann-obrach

Chuir stiùiriche Chomainn Cheilteach Ghlaschu, Aonghas MacAonghais, cuid de na puingean seo an cèill is e a' bruidhinn air Podcast Spòrs Beò an t-seachdain seo chaidh.

Choinnich buidheann-obrach a tha Comann na Camanachd air a stèidheachadh an t-seachdain seo chaidh airson a' chiad turas gus meòrachadh air a' ghnothach agus nas urrainn dhaibh a dhèanamh mu dheidhinn.

Thuirt iad gu bheil e follaiseach gum feum Comann na Camanachd, clubaichean, sgoiltean, is buidhnean spòrs eile obrachadh còmhla gus barrachd òigridh a thàladh chun na spòrs.

'S e Leas Phròbhost Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comh. Ruairidh MacCuthais, a bha sa chathair, is riochdairean bho Chomann na Camanachd fhèin, sgoiltean, agus clubaichean cuideachd an làthair.

"Feumaidh sinn èisdeachd ris na clubaichean againn agus plana aontachadh còmhla airson na slighe air adhart is mar a nì sinn an gnothach air na dùbhlain a tha san rathad oirnn", thuirt an Comh. MacCuthais, a tha cuideachd na stiùiriche air Comann na Camanachd.

"Tha iomain na pàirt den dualchas againn ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus feumaidh sinn obrachadh gu cruaidh airson a dìon agus fàs a thoirt oirre", thuirt e.

Taic

Thuirt Àrd-Stiùiriche Chomann na Camanachd, Derek Keir, gu bheil esan air bhioran mu na còmhraidhean a th' air a bhith ann thuige seo.

Dh'innis e gu bheil iad a-nise airson barrachd chlubaichean a thoirt a-steach dhan deasbad agus plana a stèidheachadh.

Thuirt Mgr Keir cuideachd gu bheil an Comann air an dòigh gu bheil a' chompanbaidh Mowi, a tha air a bhith a' cumail taic-airgid ri iomain fad iomadh bliadhna, air planaichean a chur air adhart 'son tuathanas-èisg a stèidheachadh sa Caolas Bhranndanach ann an Earra-Ghàidheal, a dh'fhaodadh còrr is 100 dreuchd a chruthachadh.

"Bha leudachadh ann an taighean-samhraidh agus crìonadh-sluigh am measg nam prìomh dhraghan a thog clubaichean san rannsachadh seo", thuirt Mgr Keir.

"Mar sin, tha sinn a' cur air fàilte air planaichean bho chompanaidh a tha a' cumail taic rinn gus obraichean ùra a chruthachadh ann an Earra-Ghàidheal", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh