Dragh mu ospadal ùr Loch Abair

  • Air fhoillseachadh
An Gearasdan

Tha feadhainn ann an Loch Abar air dragh a thogail nach tèid ospadal ùr a thogail anns a' Ghearasdan.

Chuir ceathrar às an sgìre litir gu Cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd is iad a' faighneachd carson a tha dàil sa phròiseict.

Tha an Dr Mìcheal Foxley, an Dr Chris Robinson, Mgr John Hutchison agus Mgr David Sedgwick, ag ràdh gun do thòisich còmhradh mu ospadal ùr cho fada air ais ri 1990.

Thuirt iad gu bheil adhartas sam bith a bh' ann nuair a choinnich iad ris a' bhòrd-slàinte mu dheireadh san Lùnastal 2019 a-nise caillte.

Dàil

Thuirt an Dtr Mìcheal Foxley nach eil mòran idir air tachairt bho chaidh talamh air a' Bhlàr Mhòr a cheannach bho Tesco ann an 2015.

Tha an litir ag ràdh gun robhar an dùil gum biodh an t-opasdal ùr deiseil ann an 2020 ach nach eil ceann-là idir ann a-nise.

Thuirt iad "nach eil leisgeul idir ann" airson sin.

Dh'innis an ceathrar gu bheil gach dàil a th' air a bhith ann a' fàgail gu bheil iad a' ceasnachadh a bheil miann dha-rìribh ann a' phròiseact a thoirt gu buil.

Thuirt iad cuideachd nach e leisgeul a th' ann an suidheachadh Chovid-19 is gu bheil leasachaidhean ospadail eile air a bhith a' leantainn air a' Ghàidhealtachd anns na mìosan mu dheireadh.

Thog an ceathrar air ospadal ùr a dh'fhosgail ann an Arcaibh an-uiridh, is iad ag ràdh gur e modail a bu chòir a bhith ann airson Loch Abair.

Molaidhean

Am measg nam molaidhean eile aca, tha gum bu chòir do chuideigin às an sgìre fhèin a bhith os cionn na pròiseict agus gun tèid clàr-ama cinnteach a stèidheachadh.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gun tàinig orra stad a chur air tòrr de na planaichean aca fhad 's a bha glasadh a' chorona-bhìorais an sàs.

Thuirt iad gu bheil a-nise air sgiobaidhean a thoirt ri chèile às ùr agus gu bheil iad ag obair gus pròiseact an ospadail ùir sa Ghearasdan a thoirt air adhart.

Thuirt iad gur e "fìor dheagh naidheachd do mhuinntir Loch Abair" a th' anns na planaichean.