Tagradh ùr mu fhear a tha a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Tony Parsons

Tha teaghlach fireannaich a chaidh a dhìth air a' Ghàidhealtachd bho chionn trì bliadhna air tagradh ùr a dhèanamh 'son fiosrachaidh.

Chunnacas Tony Parsons mu dheireadh ann an Drochaid Urchaidh san Dàmhair 2017.

Bha Mgr Parsons, a bhios a-nise 66, air siubhal bho dhachaigh ann an Tulach Cultraidh dhan Ghearasdan is e an dùil tilleadh air ais air a bhaidhseagal gus airgead a thogail do charthannas.

Bha e air Drochaid Urchaidh a ruighinn is chaidh fhaicinn taobh a-muigh an taigh-òsta an sin mu 11.30 air an oidhche air an 2na là den Dàmhair.

Ceistean

Chùm e air gu ruige Taigh an Droma ach cha robh sgeul air Mgr Parsons no a bhaidhseagal bhon uairsin.

"Cha b'urrainn dhuinn a bhith air creidsinn nuair a dh'fhàg m'athair air a thuras 'son airgead a thogail do chathrannas nach fhaiceadh sinn a-rithist e", thuirt mac Mhgr Parsons, Mike.

"Tha an t-uabhas cheistean againn is chan eil là a' dol seachad nach eil sinn a' smaointinn air.

"Tha e gu sònraichte duilich aig tachartasan teaghlaich is oghaichean a' fàs suas gun an seanair.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine le fiosrachadh de sheòrsa sam bith, g'e bith dè cho beag, sin innse dhan na Poilis, oir dh'fhaodadh e a bhith na chuideachadh gus freagairtean a thoirt dhuinn", thuirt e.

Thuirt Poileas Alba gun deach rannsachadh farsaing a dhèanamh airson Mghr Parsons is taic aca bho oifigich le coin, agus bho sgiobaidhean teasairginn.

Thuirt iad gu bheil an rannsachadh a' leantainn is gu bheil iad airson is gum bi daoine mothachail gu bheil Tony Parsons fhathast a dhìth.

Baidhseagal

"Ma tha fiosrachadh idir agad, thig a bhruidhinn rinn", thuirt an DI Dàibhidh MacGriogair.

"Cha d'fhuair sinn riamh lorg air baidhseagal Thony, a bha buidhe is dubh. Ma tha thu a' smaointinn gum faca tu seo, no pìosan de stuth baidhseagail, cur fios thugainn".

Thuirt iad gu bheil Tony mu 5′ 9″, le gruag ghoirid a tha a' liathadh, stais agus speuclairean.

Tha tatùthan de dh'iolaire agus acair air a ghàirdean.