46 cùis den Choròna-bhìoras an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Tha a-nise 46 cùis den Choròna-bhìorais dearbhte ann an Uibhist.

Chaidh dà chùis ùr a dhearbhadh co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla.

Tha sin a' toirt na h-àireimh gu lèir san sgaoileadh sin gu 45.

Dh'innis NHS nan Eilean Siar roimhe gu bheil aon chùis ann an Uibhist a Tuath nach eil co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Uibhist a Deas.

Mhìnich iad gur e cuideigin a tha a' tadhal air an eilean a tha sin is tha iad an dùil nach sgaoil am bhìoras bhon chùis seo.

Le bacaidhean ùra a' tighinn a-steach gu nàiseanta bho Dhihaoine, thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu bheil e fìor chudromach gun lean a h-uile duine an stiùireadh a th' ann.

Chuir e ann an cuimhne dhaoine às ùr cumail ris a' chomhairle a th' ann mar-thà a thaobh làmhan a nighe tric, còmhdach aodainn a chleachdadh far a bheil sin iomchaidh, àiteachan trang a sheachnadh, is astarachadh-sòisealta a chur an sàs.

Thuirt Mgr Jamieson cuideachd gum bu chòir do dhuine sam bith le comharra sam bith de Chovid-19 an cumail fhèin fa leth bho dhaoine eile sa bhad, agus deuchainn a chur air dòigh.

Càraichean

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil iad mothachail gu bheil cuid den luchd-obrach aca air a bhith a' siubhail ann an càraichean còmhla ged nach eil iad a' fuireach còmhla.

Thuirt iad gu bheil seo ceadaichte do luchd-obrach deatamach nuair nach eil roghainn eile ann.

Mhìnich iad ma dh'fheumas e tachairt, gu bheil iad air a dhèanamh soilleir do luchd-obrach gum bu chòir an àireamh de dhaoine sa chàr a chumail cho ìosal 's a ghabhas is astar a chumail bho chèile, gum feum iad còmhdach aodainn a chleachdadh agus na h-uinneagan a chumail fosgailte, an làmhan a nighe ro-làimhe is às dèidh-làime, is glanadh a dhèanamh sa chàr.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do luchd-obrach san t-suidheachadh seo feuchainn ri siubhail leis na h-aon daoine gu cunbhalach ma tha iad ga dhèanamh idir.

Post

Tha dùil gun lean buaidh air seirbheis a' phuist ann an Uibhist anns na làithean ri thighinn air sgàth an t-suidheachaidh a th' ann.

Dh'innis am Posta Rìoghail Diciadain gu bheil duilgheadasan aig Oifis Bhaile a' Mhanaich a' fàgail gum bi buaidh air an t-seirbheis ann am pàirtean de sgìrean puist HS7 is HS8.

Dhearbh iad mar-thà gun robh Covid-19 air dithis den luchd-obrach san oifis is gu bheil iad gan cumail fhèin fa leth.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil luchd-obrach eile cuideachd gan cumail fa leth.

Thuirt am Posta Rìoghail gun deach glanadh mionaideach a dhèanamh san oifis.