Tubaist mhairbhteach an Srath Spè

  • Air fhoillseachadh
Poilis

Chaochail fireannach às dèidh tubaist rathaid faisg air Baile nan Granndach.

Thachair an tubaist eadar càr Peugeot 2008 dubh agus làraidh mu 11.00m Diciadain air an A939 thar mòinteach Dhamh-Ath.

Chaochail dràibhear a' chàir, fireannach aois 86, aig làrach na tubaist.

Fiosrachadh

Tha boireannach, 81, a' faighinn cùraim ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis 's i air a droch ghoirteachadh.

Tha na Poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh.

Dh'iarr iad gu sònraichte air feadhainn a bha a' dràibheadh san sgìre aig an àm sùil a thoirt feuch a bheil dealbhan dashcam aca.