Eagal air gnìomhachas na h-aoigheachd

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris Eileen NicDhòmhnaill mu ghnìomhachas na h-aoigheachd.

Tha gnothachasan aoigheachd air a' Ghàidhealtachd am measg na tha air dragh a nochdadh mun bhuaidh a bhios aig riaghailtean ùra Chovid-19 orra.

Bho Dhihaoine, cha bhi cead aig taighean-seinnse is taighean-bìdh sa cheann a tuath fosgladh a-staigh ach eadar 6.00m is 06.00f is cha bhi cead aca deoch-làidir a reic a-staigh idir.

Bidh cead aca deoch-làidir a reic ri daoine a tha a' suidhe a-muigh gu 10.00 air an oidhche.

Faodaidh taighean-òsta air feadh Alba biadh a thoirt do luchd-còmhnaidh ach gun deoch-làidir.

Tha àiteachan aoigheachd ann an còig sgìrean bùird-slàinte ann am meadhan na h-Alba far a bheil an Coròna-bhìoras a' sgapadh a' dùnadh fad sia làithean deug bho Dhihaoine, ach do dhaoine a bheir air falbh biadh leotha.

Ged nach deach casg siubhail a chur an sàs, thathas ag iarraidh air daoine gun siubhal do sgìrean far a bheil am bhìoras a' sgaoileadh.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil feum air na ceumanan seo gus làn lockdown a sheachnadh.

"Ann an èiginn"

Ged a dh'fhoillsich an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, taic £40m do ghnìomhachas na h-aoigheachd, tha gnothachasan ag ràdh gu bheil an t-eagal orra.

"Bha sinn air obrachadh cruaidh gus am biodh sinn làn san Dàmhair", thuirt Gary Curley bho Thaigh-òsta Shligeachain san Eilean Sgitheanach.

"Tha daoine a-nise a' cur nan làithean-saora aca dheth.

"Bheir e buaidh is tha iomadh gnothachas ann an èiginn.

"Bha sinn an dòchas gum biodh sinn trang san Dàmhair is gum faigheadh sin sinn tron bhliadhna. Tha e coltach a-nise nach tachair sin", thuirt e.

Adhbhar dhragh

Aig an dearbh àm, chuir Comhaire na Gàidhealtachd fàilte air na riaghailtean ùra.

Thuirt ceannard an ùghdarrais, Mairead Davidson, gu bheil mar a tha am bhìoras ag èirigh an Alba na adhbhar dhragh.

Thuirt i ged nach eil cùisean cho dona air Ghàidhealtachd an taca ri sgìrean eile, gum feumar fhathast oidhirp a dhèanamh agus na tha de chùisean ag èirigh san sgìre.

Bha 19 cùisean ùra den bhìoras ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd anns an fhiosrachadh às ùr a dh'fhoillsich an Riaghaltas Diciadain.

Tha 747 cùisean air a bhith san sgìre bho thòisich am bhìoras sgapadh.

Thuirt a' Bh.Ph. Davidson cuideachd gur e faochadh a bh' ann nach do chuir an Riaghaltas lockdown an sàs air feadh na dùthcha.

Thuirt i ge-tà, gu bheil fiosrachadh mionaideach mun taic a bheirear do ghnothachasan air Ghàidhealtachd fhathast a dhìth.