Ceumannan Chovid-19 aig fo thaghadh Eileanach

  • Air fhoillseachadh
Ionad-bhòtaidh

Tha ceumannan sònraichte a thaobh Chovid-19 gan cur an sàs aig fo-thaghadh anns na h-Eileanan an Iar Diardaoin.

Tha fo-thaghadh ann an Uard Na Hearadh agus Cheann a Deas nan Loch.

Chaidh a ghairm leis mar a dh'fhàg Fionnlagh Coineagan a dhreuchd mar chomhairliche san Iuchar.

Tha triùir a' seasamh san taghadh.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun deach glanadh mionaideach a dhèanamh air na h-ionadan-bhòtaidh uile ro-làimhe, is gun tèid gach àite-bhòtaidh nam broinn a ghlanadh às dèidh do neach-bhòtaidh a chleachdadh.

Thuirt iad gun tèid na togalaichean a ghlanadh tric tron là is gum bi stuth 'son làmhan a nighe aig doras gach ionad.

Bhòtadh tron phost

A bharrachd air sin, chan eil cead ach aig aona neach-bhòtaidh air no aona theaghlach a bhith ann an ionad-bhòtaidh aig an aon àm.

Tha astarachadh sòisealta ga chur an sàs is thathas ag iarraidh air luchd-bhòtaidh còmhdach aodainn a chleachdadh.

Thèid peansail fa leth cuideachd a thoirt dhan a h-uile neach-bhòtaidh.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar an cuimhne dhaoine a tha a' bhòtadh tron phost gum feum a' bhòt aca a bhith a-staigh ro dheich uairean oidhche Dhiardaoin, nuair a dhùineas na h-ionadan bhòtaidh.

Thuirt iad mura h-eil daoine air a' bhòt aca a phòstadh fhathast, gum faod iad fàgail aig ionad-bhòtaidh air no oifisean na Comhairle ann an Steòrnabhagh.

Tha liosta de na h-ionadan-bhòtaidh an seo.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh gun robh iad air fo-thaghadh ann an Uard na h-Àirde is Loch Nis a chur dheth chun ath-bhliadhna air sgàth suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh