Croitean is cosgaisean cùraim

  • Air fhoillseachadh
Taighean-croiteTùs an deilbh, Geograph

Thèid litir a chur gu Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh cho mì-shoilleir 's a tha suidheachadh chroitean nuair a tha ùghdarrasan ionadail a' measadh maoin airson cosgaisean cùraim a phàigheadh.

Sin an co-dhùnadh dhan tàinig Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Holyrood Diardaoin, agus iad a' coimhead ri athchuing bho Iain MacÌomhair à Leòdhas, a tha den bheachd nach eil e laghail do Chomhairle nan Eilean Siar fearann croite a mheas mar stòras na chùis-san.

Sabaid

Tha Mgr MacÌomhair air a bhith sabaid fad 3 bliadhna an aghaidh iarrtais bho Chomhairle nan Eilean Siar taigh a mhàthar a reic airson cosgisean cùraim a phàigheadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh mar tha gur ann ris na h-ùghdarrasan ionadail a tha e an urra co-dhùnadh dè th' ann am maoin nuair a tha iad a' tomhas cò a tha airidh air cùram an asgaidh, agus nach eil iad am beachd a' chomhairle a tha iad a' toirt do dh'ùghdarrasan ionadail atharrachadh.

Mhol buill na comataidh do Mhgr MacÌomhair a' chùis a thogail às ùr leis a' Bhall-Phàrlamaid aige fhèin agus tilleadh thuca an ceann bliadhna mura bheil reachdas ùr croitearachd ann airson dèiligeadh ris a' ghnothach.

Cearcall

Thuirt Mgr MacÌomhair fhèin gu bheil e a' faireachdainn gu bheil iad a' dol timicheall ann an cearcall leis a' chùis agus gu bheil feum air soilleireachadh laghail aig àrd-ire gun dàil.

Bho 2004, tha a' Chomhairle air a bhith a' toirt air croitearan, taighean agus croitean a reic gus pàigheadh airson cùraim.