Fear a mharbh peinnseanair ga chumail an greim 'son ùine gun chrìoch
- Air fhoillseachadh

Thèid fear a mharbh peinnseanair ann am Moireibh agus a thug ionnsaigh air dithis eile a chumail ann an Ospadal Tèarainte na Stàite 'son a' chòrr de a bheatha.
Dh'fhàg Daibhidh MacIain Frank Kinnis a bha 83 na laighe air a dhroch leòn agus dithis eile air an goirteachadh às dèidh na h-ionnsaigh aig Bàrr Mucadaidh faisg air Eilginn.
Às dèidh dha sgrùdaidhean staid-inntinn fhaighinn agus aithisg bho oifigear slàinte inntinn cho-dhùin Am Morar Uibhist, gu feum MacIain a tha 36 bliadhna a dh'aois a bhith air a chumail anns an Ospadal Tèarainte na Stàite fad a bheatha airson am poball a dhìon.
Tinneas Inntinn
Chaidh fhaighinn neo-chiontach air casaidean a thaobh nan ionnsaighean ron a seo leis gun do ghabh an Crùn leis an tagradh nach robh e a' tuigsinn aig an àm na bha e air a dhèanamh air sgàth 's gun robh e a' fulang le tinneas inntinn.
Bha pàrantan MhicIain air bruidhinn ri NHS 24 dà thuras ro na h-ionnsaighean, a' feuchainn ri toirt orra an gille aca a chur gu ospadal airson tinneasan inntinn.
Chaidh innse dhan Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh e air a bhith a' fulang le comharran thinneasan inntinn fad trì bliadhna mus tug e ionnsaigh air an triùir san Dàmhair an-uiridh.
Thug e ionnsaidh an toiseach air Morris agus Janette Nic a' Ghobhain a bha 70 ann an Coille Birkenhill agus an uair sin air Mgr Kinnis ann am Bàrr Mucadaidh.
Aithreachas
Bhàsaich Mgr Kinnis anns an ospadal às dèidh làimhe.
Thuirt fear-lagh MhicIain, Ian Duiguid QC: "Tha fios aige a-nis dè rinn e agus tha e làn aithreachais airson na thachair".
Thuirt am Morar Uibhist gu feumar a chumail ann an Ospadal Tèarainte na Stàite is cunnart ann gun dèanadh e an aon seòrsa rud a-rithist.