Covid-19 air fear air bàta ann an Linne Chrombaidh

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Chaidh Covid-19 a dhearbhadh air fear den chriutha air bòrd soithich a tha an-dràsta ann an Linne Chrombaidh.

Tha an EnQuest Producer an sàs ann an obair na h-ola agus a' ghas sa Chuan a Tuath.

Thuirt a' chompanaidh EnQuest gu bheil am bàta aig cala ann am Bàgh an Eige, agus cùmaidh an còrr dhen chruitha air falbh bho dhaoine eile.

Thèid am bàta ann an cuarantain airson cola-deug.

Dh'innis a' chompanaidh cuideachd gun deach deuchainnean a dhèanamh air a chriutha air fad agus nach d'fhuair an còrr dearbhaidh den choròna-bhìoras.