Brexit: Dragh mòr mu chompanaidhean èisg

  • Air fhoillseachadh
Maorach ga chur air tìrTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an gnìomhachas a' cumail cosnaidh ris na mìltean dhaoine air a' chosta an iar

Tha companaidhean beaga a tha a' reic èisg is maoraich a-null dhan Roinn Eòrpa ann am fìor staing air sgàth Bhrexit - cuid aca ag ràdh gu bheil iad an ìmpis a dhol à bith.

'S e companaidh còmhdhail DFDS a tha a' giùlain a' chuid mhòir den mhaorach sin às leth nan companaidhean beaga Albannach, ach chan eil dol aca air a dhèanamh an-dràsta air sgàth thrioblaidean le obair-pàipeir aig na puirt.

Tha iad a-nis ag ràdh nach urrainn dhaibh an còrr a chur a-null airson còig làithean.

"Beagan sheachdainnean"

Tha stiùiriche aon chompanaidh - Loch Fyne Langoustines - a' bagairt am maorach aige a thoirt a Lunnainn 's a dhumpadh aig a' Phàrlamaid.

Thuirt ministear Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Dàibhidh Duguid, gu bheil e a' tuigsinn nan dùbhlan a tha mu choinneimh a' ghnìomhachais an-dràsta a thaobh obair-pàipeir, IT agus puirt, ach thuirt e gu bheil dùil aige gun tig fuasgladh an ceann beagan sheachdainean.

Do chuid de chompanaidhean ge-tà, bidh sin ro fhadalach.

"Thàinig oirnn uile sgur a cheannach maoraich bheò - stuth fìor-luachmhor," thuirt stiùiriche Loch Fyne Langoustines, Seumas Mac a' Mhaoilein.

"Chan fhaigh sinn gu margaidh e luath gu leòr.

"Tha sinne air a bhith a' sgreuchail fad nan sia mìosan, ochd mìosan mu dheireadh, gum feum sinn an stuth seo fhaighinn gu margaidh taobh a-staigh 12 - 24 uairean de thìde.

"Maill sam bith air a' phròiseas sin agus ruigidh am maorach againn an Fhraing marbh.

"Cha do reic sinne maorach beò sam bith ris an EU - a' mhargaidh as motha a th' againn - sa chola-deug mu dheireadh.

"Ma leanas sin seachdain eile, tha e seachad dhuinn.

"Faighibh a' mhalairt a' gluasad a-rithist - no bi na ceudan 's mìltean dhaoine air a' chosta an iar 's mu chladaichean na h-Alba gun chosnadh," thuirt e.

Deuchainnean

Nuair a bha Breatainn anns a' Mhargaidh Shingilte Eòrpaich bha maorach, iasg is bathar eile, a' falbh a-null 's a-nall gun bhacadh sam bith.

Toiseach na mìos seo ge-tà, dh'fhàg Breatainn a' Mhargaidh Shingilte, nuair a thàinig ùine eadar-amail Bhrexit gu crìch.

Feumaidh iasg - is maorach gu sònraichte, a tha ga reic beò - falbh a-null sa bhad, gus an gabh e reic mus grod e.

Feumaidh biadh sam bith - iasg, maorach, feòil 's mar sin air adhart - a dhol tro dheuchainnean lìghiche-sprèidh mus leigear a-steach dhan Aonadh Eòrpach e.

Tha sin a' toirt ùine, tha cion lìghichean-sprèidh ann 'son an obair a dhèanamh, agus tha cosgais na lùib a tha a' tighinn air na companaidhean - gu leòr aca beag - a tha a' cur an stuth a-null.

Bathar Measgaichte

Tha trioblaid eile ann ri linn mar a bhios làraidhean a' giùlain measgachadh de bhathar - rud a bha furasta gu leòr sa Mhargaidh Shingilte, ach a tha a-niste ag adhbharachadh maill aig na puirt, 's obair-pàipeir ri dhèanamh airson gach luchd eadar-dhealaichte a th' air bòrd.

Tha sin a' ciallachadh gum feum obair-pàipeir fa-leth a bhith ann airson feusgain, agus airson giomaich, ged a bhiodh iad air bòrd na h-aon làraidh.

Feumar an uair sin dearbhadh fhaighinn nuair a ruigeas an làraidh an Roinn Eòrpa, gur e sin a tha i a' giùlain, seach bathar eile.

Tha sin nas fhasa do chompanaidhean mòra, leis gun tèid acasan air làn-làraidh de dh'aon rud - giomaich a-mhàin mar eisimpleir - a chur a-null. Chan eil e cho furasta do chompanaidhean beaga.

Feumaidh na companaidhean beaga cosgaisean ùra a ghiùlain airson obair-clèireachd nach robh aca ri dhèanamh roimhe - no a' chosgais sin a chur air luchd-ceannaich, a' fàgail nach eil iad cho farpaiseach 's a bha.

Tha dragh ann gum faigh luchd-ceannaich san Roinn Eòrpa companaidhean eile airson stuthan a chumail riutha, 's gun caill na companaidhean beaga obair.

Ged a thigeadh fuasgladh air a' cheann thall, chan eil e soilleir dè tha an dàn do na companaidhean beaga, agus dha na mìltean de dh'obraichean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha an urra ris a' ghnìomhachas seo.