Taic ri faighinn san Eilean Sgitheanach

Air fhoillseachadh

Dh'innis a' bhuidheann Skye Community Response gu bheil iad deiseil is deònach taic a thoirt do dhaoine san eilean a th' ann an staing ri linn Chovid-19.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh an-uiridh nuair a chaidh an Coròna-bhìoras ma sgaoil an toiseach.

Chuidich iad le taic is stiùireadh a thoirt do dhaoine, is le biadh is eile a lìbhrigeadh dhan fheadhainn nach fhaigheadh a-mach.

Bha iad gu mòr an sàs cuideachd ann a bhith a' cumail taic ris a' choimhearsnachd timcheall air an sgaoileadh den bhìoras aig Dàchaigh-Cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Àrdachadh

Ged a bha cùisean na bu shàmhaiche san dàrna leth de 2020, tha Skye Community Response ag ràdh gu bheil an àireamh de dhaoine a tha a' sireadh taic bhuapa a-nise ag èirigh às ùr.

"Tha na h-àireamhan a' dol suas a-rithist", thuirt Iona NicDhòmhnaill bhon bhuidhinn.

"Daoine a tha a' fònadh ag iarraidh cobhair, taic is fiosrachaidh, is daoine a tha 's dòcha glaicte a-staigh, chan urrainn dhaibh a dhol a-mach is biadh a cheannach, no òrdughan an dotair a thogail.

"Tha sinn deiseil is deònach sin a dhèanamh", thuirt i.

Ullachadh

Mhìnich i gun do ghabh a' bhuidheann cothrom anns na mìosan mu dheireadh a bhith a' coimhead air na rinn iad an-uiridh is mar a dh'obraich cùisean.

Thuirt i mar sin gu bheil iad cho ullaichte 's ghabhas airson an t-suidheachaidh a th' ann a-nise, is dùil aca gum bi iad nas trainge a-rithist anns na seachdainnean ri tighinn.

"An-dràsta 's dòcha gu bheil lockdown ùr do dhaoine, no gun robh iad fhèin deiseil air a shon is gun robh iad air barrachd plannaidh a dhèanamh dhaibh fhèin, ach tha sinn an dùil gum bi barrachd feum oirnn a dh'aithghearr.

"Daoine a' ruith a-mach à biadh, no na cungaidhean aca, no connadh, rud sam bith mar sin", thuirt i.

Gheibhear taic bhon bhuidhinn an seo no an seo , no le a bhith a' fònadh gu 01470 373 111.

Tuilleadh air an sgeulachd seo