"Sùbailteachd" banachdaich do dh'Eileanan Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
A' bhanachdach 's am bhìorasTùs an deilbh, Getty Images

Tha NHS na Gàidhealtachd a' leasachadh dòigh nas èifeachdaiche airson banachdach a' Choròna-bhìorais a sgaoileadh a-mach ann an eileanan Earra-Ghàidheal.

Tha prògram sgaoilidh nàiseanta na banachdaich a' sònrachadh bhuidhnean a gheibh prìomhachas airson a' bhanachdach fhaighinn, stèidhichte air aois, no a bhith so-leòinte.

Ach tha beachd ann nach eil an dòigh sin freagarrach airson slòigh bheaga ann an cuid de na h-eileanan leithid Muile, Ìle agus Tiriodh.

Chaidh dragh a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt mu cho slaodach 's a tha a' bhanachdach ga sgaoileadh a-mach ann am Muile.

Thuirt Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek, gu bheil iad ag obair air siostam nas sùbailte airson a' bhanachdach a thoirt do dhaoine sna h-eileanan.

"Dh'iarr sinn cead air an t-seachdain seo chaidh beagan sùbailteachd a bhith againn a thaobh mar a làimhsicheas sinn an gnothach ann an cuid de na h-eileanan agus sgìrean iomallach air an tuath," thuirt i.

"Feuch am b' urrainn dhuinn a bhith na b' èifeachdaiche ga lìbhrigeadh.

"A thuilleadh air sin, airson dèanamh cinnteach gun tèid dìon a thoirt do choimhearsnachdan nas lugha.

"Ann an suidheachadh eileanach, tha e gu math doirbh euslaintich a thoirt air falbh.

"Fhuair sinn dearbhadh gum bi na h-uimhir de shùbailteachd ann gus ar cuideachadh.

"Feumaidh sinn dìreach mìneachadh gu soilleir na tha fa-near dhuinn gus am bi sin follaiseach."