Beachdan gan iarraidh air an lioncs

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha tuathanaich is croitearan draghail gum biodh na lioncs a' sealg an stuic aca.

Tha trì buidhnean a tha airson an lioncs a leigeil ma sgaoil ann an Alba ag iarraidh bheachdan a' phobaill air na molaidhean connspaideach.

Tha iad a' moladh an cat mòr diùid a leigeil ma sgaoil gus buannachdan eiceòlach a thoirt gu buil, leithid a bhith a' cumail smachd air na fèidh, 's mar sin a' toirt uallaich far choilltean na dùthcha air a bheil iad a' dèanamh cron.

Anns na dùthchannan san Roinn Eòrpa far a bheil an lioncs stèidhichte 's gann gum faicear iad.

Tha teagamhan mòra air gu leòr mun mholadh ge-tà, le tuathanaich is croitearan draghail gum biodh an lioncs a' sealg an stuic aca.

"Tha saidheans a' sealltainn dhuinn gu bheil obair chudromach aig beathaichean mòra seilge leithid an lioncs ann a bhith a' cumail siostaman beatha fallain san àrainneachd," thuirt Peter Cairns, bhon bhuidhinn Scotland - The Big Picture, a tha ag iomairt airson ath-fhiadhachaidh, 's a tha am measg nam buidhnean a tha a' sireadh bheachdan.

"Gu practaigeach, tha an t-uabhas fhiadh coille an Alba, agus dh'fhaodadh an lioncs seirbheis manaidsearachd fhiadh luachmhor a thoirt seachad fad na bliadhna.

"Gu moralta dheth, 's e Breatainn a-niste tè de ghlè bheag de dhùthchannan Eòrpach a tha a' diùltadh tighinn beò còmhla ri beathaichean mòra seilge.

"Chan e nach urrainn dhuinn - 's e gu bheil sin ga dhiùltadh."