Rabhaidhean aimsire

  • Air fhoillseachadh
Inbhir NisTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Tha rabhaidhean aimsire an sàs air a' Ghàidhealtachd is Stoirm Christoph a' toirt buaidh air an Rìoghachd Aonaichte.

Ged a tha dùil gun toir Christoph buaidh nas motha air Sasainn is Ceann a Deas na h-Alba, tha Rabhadh Buidhe 'son sneachda is deigh ann aig tuath Diciadain is Rabhadh Buidhe eile 'son sneachda Diardaoin.

Tha seo a' toirt a-steach sgìre fharsaing timcheall Inbhir Nis is Inbhir Narann, a' dol a-mach cho fada deas ri Inbhir Gharadh, a-mach chun an iar gu Cluainidh agus cho fada tuath ri Gallaibh.

Tha na rabhaidhean an sàs eadar 08:40m Diciadain gu meadhan-oidhche Diardaoin.

Thuirt Oifis na Sìde gum bi buaidh air rathaidean, loidhichean rèile is cabhsairean Diciadain.

Dh'innis iad gum bi sneachda trom is gaoth làidir ann cuideachd Diardaoin agus gum faodadh gum bi buaidh air cumhachd an dealain ann an cuid de dh'àiteachan.