Cuirm FilmG air BBC ALBA airson a' chiad uair

  • Air fhoillseachadh
Clann bho Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach
Fo-thiotal an deilbh,
Clann bho Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach

Airson a' chiad turas a-riamh bidh na fiolmaichean bhon fharpais FilmG air an taisbeanadh air BBC ALBA, mar phàirt de phrògram shònraichte.

Cha tèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas beò air sgàth bhacaidhean a' Choròna-bhìorais ach thèid a' chuirm a chlàradh ann an Steòrnabhagh.

Thèid am prògram a-mach air BBC ALBA air an 19mh den Mhàrt aig 9f, le Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach ga lìbhrigeadh.

Dùbhlan

Fhuair a' cho-fharpais airson fiolmaichean goirid sa Ghàidhlig còrr air 100 tagradh an-uiridh, an àireamh as motha a-riamh.

Thuirt Debbie NicAoidh bho Chànan Graphic Studio, a tha a' ruith an tachartais ann an co-bhonn le MG Alba, gun robh dùbhlan mòr aig na britheamhan geàrr-liostaichean a dhèanamh.

"Bha fiolmaichean sònraichte math againn", thuirt i, "agus bha e follaiseach cho cruaidh 's a dh'obraich na tagraichean, agus cho mòr 's a chòrd e riutha a bhith a' cruthachadh nam fiolmaichean".

Meas

Thuirt Murchadh MacSuain bho MG Alba, gun robh an àireamh mhòr a chuir fiolmaichean a-steach a' sealltainn a' mheas a th' aig daoine air an fharpais.

"Tha an dà chuid sgoiltean agus fiolmadairean air innse dhuinn dìreach cho cudromach 's a tha e do Ghàidheil òga, gu bheil cothroman leithid seo aca airson sealltainn cho cruthachail 's a tha iad", thuirt e.

"Tha sinn moiteil às a h-uile duine a ghabh pàirt".