Iomain òigridh a' tilleadh an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Iomain

Dh'innis Camanachd Leòdhais gu bheil iomain òigridh gus tòiseachadh a-rithist Disathairne seo tighinn.

Cha robh trèanadh ann dhan òigridh san eilean bho 2019.

Bidh an seisean ann sa chiad dol a-mach 'son cloinne eadar ochd is dà bhliadhna dheug is tha fàilte air feadhainn aig gach ìre.

Tha cead aig an trèanadh a dhol air adhart leis gu bheil Leòdhas ann an Ìre 3 de bhacaidhean a' Choròna-bhìorais.

Thèid na ceumanan freagarrach a thaobh Covid-19 a leantainn.

Clàradh ro-làimhe

Nam measg, feumaidh clann a tha 'son cluich clàradh eadar seo is feasgar Dihaoine.

Thuirt neach-labhairt bho Chamanachd Leòdhais gu bheil an cluba air an dòigh gu bheil iomain òigridh a' tilleadh.

BIG NEWS!! Junior Training will restart this Saturday 12noon on Smith Avenue's All Weather Pitch. Please spread the...

Posted by Camanachd Leòdhais on Tuesday, January 19, 2021
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muighFaic tuilleadh air Facebook

Dh'innis iad leis gu bheil iomain aig ìre inbheach na tàmh an-dràsta, gu bheil cothrom sònraichte ann ùine a chur seachad air ginealach ùr de chluicheadairean òga san eilean a bhrosnachadh.

Leis a sin, bidh grunnan bho sgioba Leòdhais an làthair Disathairne gus taic a thoirt seachad.

Bidh an seisean ann aig meadhan-là aig a' phàirce phlastaig aig Smith Avenue ann an Steòrnabhagh.