Itealaich bheag-chàrboin ga feuchainn aig tuath

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Stephen McKay/Geograph

Thèid diofar sheòrsaichean itealan beag-thruaillidh a chur fo dheuchainn air slighean eadar eileanan Arcaibh.

Tha am pròiseact, a tha stèidhichte ann an Arcaibh 's a mhaireas 18 mìosan, na phàirt de phlanaichean nas fharsainne gus an a' chiad "sgìre itealaich càrbon-chothromach" san t-saoghal a chruthachadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deadh seo a choileanadh le bhith a' cur dealain, haidhdroidean agus connadh beag-chàrboin eile an àite connadh fosail aig puirt-adhair air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus air na h-itealain a tha gam frithealadh.

Chaidh na deuchainnean fhoillseachadh an toiseach le Riaghaltas na h-Alba mar phàirt de phrògram chalpa 2019-2020, 's fhuair Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) £3.7m ann am maoineachadh.

Thèid a' chiad "Ionad deuchainn itealaich beag-chàrboin a tha stèidhichte san t-saoghal obrach" a chur air bhonn aig Port-adhair Chirceabhaill ann an Arcaibh.

'S ann aig an ionad sin a thèid an obair air adhart airson diofar sheòrsaichean itealan fheuchainn le connadh beag-thruaillidh air slighean eadar eileanan Arcaibh.

Nìthear cuideachd deuchainn air drònaichean airson a bhith a' lìbhrigeadh stuthan meadaigeach, mar phàirt den sgeama.

"'S e ceum cudromach air adhart a th' ann a dh'onnsaigh seirbheisean adhair do luchd-siubhail a neo-chàrbonachadh ann an Alba ro 2040," thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain.

"'S e pròiseact air leth inntinneach a tha seo, agus tha e math dha-rìribh HIAL fhaicinn air thoiseach an a bhith a' stèidheachadh a' chiad àrainneachd dheuchainn airson itealaich bheag-chàrboin san Rìoghachd Aonaichte," thuirt e.

Thuirt Àrd-Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gun cuireadh am pròiseact a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan "ri uchd na h-iomairt gus an ath-ghinealach de dh'itealain a chur an sàs".