Àrd Oifigear ùr aig Cùram is Slàinte nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Nick FayersTùs an deilbh, NHS nan Eilean Siar

Tha NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air Àrd Oifigear ùr Bhòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar (IJB), an dèidh dha an dreuchd a ghabhail os làimh.

Tha Nick Fayers a' gabhail àite an Dtr Ron Cully a dh'fhalbh as t-Earrach an-uiridh.

Tha Mgr Fayers air a bhith ag obair aig àrd ìre ann an Seirbheis na Slàinte agus a' Chùraim Shòisealta airson 14 bliadhna.

Tha e air tighinn a dh'fhuireach ann an Leòdhas à South Lakes, an ceann a deas Chumbria, far an robh e ag obair aig Oilthigh Ospadalan Bhàgh Mhorecambe.

Piseach air seirbheisean

Thuirt Mgr Fayers gun robh e a' coimhead air adhart ri coinneachadh le a cho-obraichean ùra, ged a bhios na coinneamhan eadar iad bhiortail aig an ìre seo, agus a bhith ag ionnsachadh bhuapa.

"Tha mi a' dol a chur seachad beagan ùine an toiseach faighinn a-mach dè tha a dhìth sna coimhearsnachdan an seo, agus a bhith a' dealbhachadh ro-innleachd airson Slàinte agus Cùram Sòisealta,'' thuirt e.

Ann am brath-naidheachd a dh'fhoillsich an dithis aca còmhla thuirt Àrd Oifigearean NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar, Gordon Jamieson agus Malcolm Burr, gu robh iad glè thoilichte fàilte a chur air Mgr Fayers.

"The eòlas farsaing aig Nick ann an roinn a' chùraim agus na slàinte, agus tha beachdan math aige air mar a ghabhas piseach toirt air seirbheisean ionadail," thuirt iad.