Bhàsaich fireannach a bha an sàs ann an tubaist le dà chàr
- Air fhoillseachadh

Thachair an tubaist aig a' cheann-rathaid eadar Rathad Thurlow agus Sràid Seafield
Tha fireannach a bh' air chois agus a chaidh a leòn nuair a bhuail dà chàr na chèile ann an Inbhir Narann air bàsachadh san ospadal.
Thugadh an duine, 91, gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis an dèidh na tubaiste air 21mh den Fhaoilleach.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn a dhol dhan cheann-rathaid eadar Rathad Thurlow agus Sràid Seafield mu 4.50f.
Tha Poileas Alba ag iarraidh bruidhinn ri daoine a chunnaic an tubaist anns an robh Mazda dubh agus Honda dearg an sàs.