Seachdnar às ùr le Covid-19 sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Covid

Chaidh seachd cùisean ùra den Choròna-bhìoras a chlàradh sna h-Eileanan Siar Diluain.

Tha sia de na cùisean ann an clustair Covid Steòrnabhaigh, an dà chuid air daoine co-cheangailte ris an ospadal agus air feadhainn aig nach eil ceangal ris.

Tha 29 cùis den bhìoras a-nis air an dearbhadh ann an clustair a' bhaile.

Chaidh an galar a dhearbhadh air aon neach eile co-cheangailte ris an sgaoileadh bheag ann am Beinn na Fadhla.

Thàinig am fiosrachadh às ùire oidhche Luain bho Àrd Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.

Thuirt e gun robh oidhirp ga dèanamh fios a chur air daoine a bha faisg air an fheadhainn air an tàinig am bhìoras, agus airson faighinn a-mach dè a dh'adhbhraich an sgapadh.

Tha an obair airson a' bhanachdach a thoirt seachad do shluagh nan eilean a' leantainn agus dh'iarr Mgr Jamieson air daoine a dhol gu clionaig airson a faighinn ma gheibh iad cuireadh.