Chaill gnìomhachas an uisge-bheatha £500m ri linn chìsean Aimeireaganach

  • Air fhoillseachadh
Botail uisge-bheathaTùs an deilbh, Thinkstock

Tha taraif 25% a chuir na Stàitean Aonaichte air mac na braiche Albannach air call mòr adhbhrachadh dhan ghnìomhachas.

On chuireadh a' chìs air mac na braiche a thèid a rèic ris na Stàitean Aonaichte ann an 2019, tha ìsleachadh mòr air tighinn air na tha gu chur dheth a-null a dh'Aimeireagaidh.

Chuireadh a' chìs a bharrachd air uisge-beatha na h-Alba nuair a chuir an Ceann-suidhe Dòmhnall Trump cìsean-malairt air grunn rudan, mar pheanas airson subsadaidhean a thug an t-Aonadh Eòrpach don phròiseact adhair Airbus.

Tha an gnìomhachas an Alba ag aithris gun tàinig lùghdachadh 35% air na tha iad a' reic ri Aimeireagaidh.

Call uabhasach

Tha Comann an Uisge-Bheatha an Alba ag ràdh gu bheil iad a' call nam milleanan notaichean gach mìos air sgàth nan cìsean, agus tha iad a' cur ìmpidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dèanamh nas urrainn dhaibh gus cur às dhiubh.

Tha Àrd Oifigear a' Chomainn, Karen Betts, ag ràdh nach eil an suidheachadh seasmhach.

Thuirt i: "On thàinig na taraifean a-steach, tha na tha sinn a' reic ri Aimeireagaidh air a dhol sìos 35%, sin call luach còrr air leth bhillean not.

"'S e companaidhean beaga agus mòra a tha a' fulang agus a' call prothaid bho mhargaidh a bha uair an tè as luachmhoire dhaibh, agus tha cunnart ann nach fhaigh iad seachad air buaidh an lùghdachaidh a-chaoidh."

Thuirt fear-labhairt airson Roinn na Malairt Eadar-Nàiseanta: "Tha Rùnaire na Malairt Eadar-Nàiseanta air a bhith os cionn chòmhraidhean leis na Stàitean Aonaichte a tha ag amas air cur às dha na cìsean neo-chothromach seo.

"Leanaidh sinn oirnn feuch am faighear rèite a bhios a chum maith na Rìoghachd Aonaichte air fad - staileadairean uisge-beatha na h-Alba nam measg", thuirt e.