Thàinig lùghdachadh air an àireamh ionnsaighean le coin an Alba
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh àrachais, NFU Mutual, ag ràdh gun robh ìsleachadh 13% san àireamh aithrisean a fhuair Poileas Alba ann an 2020 mu ionnsaigh le cù air sprèidh.
Ach fhuair an aon rannsachadh gu bheil 64% de dhaoine a' leigeil leis a' chù aca a bhith mu sgaoil gun teadhair, ged a tha an dàrna cuid de dhaoine le peata ag aideachadh nach bi an cù an còmhnaidh a' tilleadh thuca nuair a thèid iarraidh orra.
Thathar a' cur fàilte air an naidheachd gun deach nas lugha de dh'ionnsaighean a chlàradh, ach thachair grunn ionnsaighean mar-thà an 2021 agus tha rabhadh ann do dhaoine smachd a chumail air coin nuair a bhios iad a' coiseachd air an tuath.
Fhuair an sgrùdadh gu bheil 42% de dhaoine aig a bheil cù air a bhith nas trice a' gabhail cuairt leotha air an dùthaich tron phandemic.
Àm breith nan uan
Thuirt Mark McBrearty, Manadsair Roinneil do NFU Mutual an Alba, gur e adhbhar misneachd an lùghdachadh sna bha de dh'ionnsaighean chon ach na adhbhar dragh gu bheil ionnsaighean fhathast a' tachairt.
"Tha sinn air barrachd ionnsaighean brùideil fhaicinn far an deach mòran chaorach a mharbhadh neo a dhroch leòn."
"Le àm breith nan uan air fàire tha dragh ann nach bi fios aig cuid gu bheil e mar uallach laghail orra smachd a bhith aca air coin ma tha iad gu bhith faisg air stoc," thuirt e.
Cha robh ach 40% dhen fheadhainn a cheasnaich NFU Mutual a' gabhail ris gum faodadh am peata beathach a ghoirteachadh neo a mharbhadh.
Thuirt Debs Roberts, a tha a' cumail chaorach ann an Uachdar Àrdair, gu bheil ionnsaighean le coin na adhbhar lèiridh.
"Tha e cudromach gum bi daoine mothachail gum faod gach seòrsa coin, chan e a-mhàin an fheadhainn mhòra le coltas cunnartach, a bhith a' ruith chaorach agus a' toirt ionnsaigh orra."
"Fiù 's mura bi an cù a' beantainn ri caora faodaidh e fhathast beathach a mharbhadh neo a bhith ag adhbhrachadh gun caill iad uan."
"Tha sinn ag iarraidh air daoine an cù a chumail air teadhair thairis air na beagan mhìosan ri teachd. Gabh ri na soidhnichean a tha ann airson dìon a thoirt ort fhèin agus air a' chù agad, agus airson do chuairt a dhèanamh sàbhailte dhan a h-uile creutair a th' ann," thuirt i.