'Tillidh mi'
- Air fhoillseachadh

'S iomadh duine a bhios eòlach gu leòr air an stòiridh.
Làithean buidhe na bun-sgoile is Gàidhlig gu leòr.
Suas dhan àrd-sgoil am measg nan deugairean is làmh an uachdair aig a' Bheurla.
A-mach dhan t-saoghal mhòr agus - do gu leòr a rinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig co-dhiù - cothroman an cànan a chleachdadh a' sìoladh às.
Chan e dìreach gu bheil a' Ghàidhlig aig cuid a' fàs meirgeach, ach gu bheil i aig feadhainn cha mhòr a' falbh buileach glan.
Ceist is dè ghabhas dèanamh mu deidhinn air a bheil gu leòr ann an saoghal na Gàidhlig, luchd-leasachaidh is eile, fhathast a' meòrachadh.
Taic
Ach san ùine-ghòirid, tha taic ùr phractaigeach air nochdadh dhan fheadhainn a chaidh tro fhoghlam Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh an sgilean cànain ath-bheòthachadh.
Air a cùlaibh tha Eòghan Stiùbhart, an duine a chruthaich an goireas soirbheachail air-loidhne Gàidhlig Gu Leòr.
Mar fhear a bha cho measail air Runrig, chan eil e na iongadh gur e 'Tillidh Mi' a tha Eòghan air gabhail air a' chùrsa ùr.
Agus tha e ag ràdh gur e ainm gu math freagarrach a th' ann.
"Tha e san ainm: gun till iad dhan Ghàidhlig is gun till iad còmhla. 'S e turas a th' ann an tilleadh", thuirt Eòghan.
"Tha a h-uile duine a' dol a-mach an seo air turas còmhla agus an rud a tha mi ag iarraidh, 's e gum faigh iad misneachd air ais is gum bi iad nas fhileanta, ach cuideachd gum bi iad a' dèanamh charaidean ùra, agus gum bi na ceanglaichean is càirdeasan sin anns a' Ghàidhlig, gum bi deagh bhun-stèidh aca", thuirt e.
Tha a h-uile coltas gu bheil gu leòr a tha san t-suidheachadh seo airson a chur ceart.
Sa chiad dà là às dèidh do dh'Eòghan am beachd a sgaoileadh air na meadhanan sòisealta an toiseach, nochd còrr is 60 duine ùidh anns na clasaichean.
Bha sin a' ciallachadh gun robh aige ri cuid a thionndadh air falbh sa chiad ghreis.
"Iongnadh"
"'S e iongnadh snog a bh' ann cho mòr 's a bha fèill air a' ghnothach. Ged a tha iomadh duine a' dèanamh obair ionmhalta a' soisgeulachd mun Ghàidhlig do luchd-ionnsachaidh ùra, tha e gu math cudromach nach eil an fheadhainn aig a bheil i, nach eil iad air am fàgail air dheireadh", tha Eòghan ag ràdh.
"Chuir e iongadh orm cho mòr gun robh an uidhir de dhaoine òga - daoine eadar 18 agus 35 - airson a bhith an sàs ann.
"Chuir sin iongadh orm ach thug e tòrr tlachd dhomh", thuirt e.
Tòisichidh na clasaichean air-loidhne an t-seachdain seo is mairidh iad ochd seachdainean.
Leis an ùidh a tha air nochdadh sa ghnothach, tha làn dùil aig Èoghan leantainn air nuair a tha a' chiad chùrsa seachad.
Tha cosgais an lùib nan clasaichean is cothrom aig daoine beagan airgid fhaighinn air ais nuair a chuireas iad crìoch air a' chùrsa.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.