£5m do dhachaigh-cùraim ùr ann an Tunga

  • Air fhoillseachadh
TungaTùs an deilbh, Jim Barton/Geograph

Tha planaichean airson goireas cùraim ùr ann an Dùthaich MhicAoidh air ceum a ghabhail.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd £5m a thoirt seachad 'son a' phròiseict.

'S ann bho phrògram chalpa an ùghdarrais a thig an t-airgead 'son a' ghoireis ùir ann an Tunga.

Rachadh an hub ùr an àite an dà dhachaigh chùraim ann am Mealbhaich agus air Taobh Mhealanais anns a bheil sia leapanan.

Bidh an dà chuid seirbheisean cùraim agus seirbheisean banaltraim ri fhaighinn san hub ùr, agus tha planaichean ann cuideachd airson ionad meadaigeach.

Am measg na tha an-sàs sa phròiseact tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd agus a' bhuidheann Wildland, leis a bheil am fearann.

Dh'innis tè de chomhairlichean na sgìre, Linda Rothach, a tha cuideachd os cionn comataidh slàinte agus cùraim shòisealta na Comhairle, gu bheil cruaidh-fheum air a' ghoireas ùr agus thuirt i gu bheil i air a dòigh gu bheil iad air an ìre seo a ruighinn.