Deuchainnean Covid aig ionadan-smàlaidh
- Air fhoillseachadh

Bu chòir gum bi e nas fhasa an dèidh seo do dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal deuchainnean Covid fhaighinn.
'S ann do dhaoine air a bheil comharran den bhìoras a tha an t-seirbheis.
Dh'fhoillsich am bòrd slàinte planaichean gus ionadan-smàlaidh ann an cuid de sgìrean a chleachdadh mar ionadan-deuchainn, an dèidh sgeama phìleit shoirbheachail ann an Inbhir Theòrsa agus Ceann Loch Gilp.
A' tòiseachadh Dimàirt, bidh deuchainnean rim fhaighinn aig ionadan-smàlaidh ann an Dùn Omhain agus ann an Ceann Loch Chille Chiarain, le dùil gun tèid an t-seirbheis a thoirt seachad, an ceann beagan seachdainean, aig còrr air 20 ionad-smàlaidh air feadh na sgìre.
"Seach gu bheil goireasan smàlaidh cho fada is farsainn tron Ghàidhealtachd, tha sin a' toirt comas do dhaoine ruigsinn orra ann an sgìrean nas dùthchaile," thuirt cathraiche NHS na Gàidhealtachd Boyd Robastan.
"Sin trioblaid a th' air a bhith ann thuige seo, a' faighinn nan deuchainnean a-mach agus a-steach gu na h-àiteachan dùthchail.
"Nì seo feum eagalach - 21 àite ùr gus a bhith a' toirt seachad na seirbheis a tha seo.
"Tha e a' tòiseachadh an-diugh fhèin ann an Dùn Omhain agus Ceann Loch Chille Chiarain.
"Ann am beagan sheachdainnean eile bidh iad air feadh na Gàidhealtachd.
"Ma tha thu an Ulapul, ma tha thu an Geàrrloch, ma tha thu an Tunga mu thuath, Ath Tharracail, Ceann a' Ghiùthsaich, an Gearasdan, Port Rìgh, an t-Ath Leathann, sìos gu Baile Bhòid.
"'S i sgìre mhòr fharsainn a th' againn air Ghàidhealtachd, agus bidh e anns gach pàirt den sgìre," thuirt e.
Chan e an aon sheorsa goireis a bhios anns gach àite ge-tà.
"Bidh feadhainn dhiubh fosgailte trì uairean gu leth gach là, feadhainn eile nach bi ach uair gach là," thuirt an t-Oll. Robasdan.
"Tha e a rèir 's dè seòrsa seirbheis smàlaidh a th' anns an sgìre anns a bheil daoine a' fuireach.
"Sa chiad àite, bu chòir do dhaoine air a bheil comharran den bhìoras fòn a chur gu àireamh-fòn Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd 01463 706015".