8 cùisean ùra sna h-Eileanan Siar thar na deireadh-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Dh'innis NHS nan Eilean Siar gun robh ochd cùisean ùra de choròna-bhìoras air an dearbhadh leotha thairis air an deireadh sheachdain.
Thàinig dearbhadh gun robh Covid air còignear Disathairne agus air triùir Didomhnaich.
Tha iad uile co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Steòrnabhagh.
Thuirt iad cuideachd gun deach triùir a thoirt dhan ospadal air Tìr Mòr tro na làithean a dh'fhalbh.
Bha fichead cùis ùr dhen bhìoras dearbhte ann an sgìre NHS na Gaidhealtachd thairis air an deireadh-sheachdain.