Rannsachadh ga iarraidh mu sheirbheisean-iùil
- Air fhoillseachadh

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air sgrìobhadh gu Àrd Neach-sgrùdaidh na h-Alba agus gu Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, ag iarraidh orra sùil a thoirt air planaichean HIAL gus seirbheisean-iùil nam plèanaichean a chur còmhla ann an Inbhir Nis.
Tha iad ag iarraidh air Stephen Boyle rannsachadh a dhèanamh air an sgeama.
Foillsichidh HIAL rannsachadh a rinn iad air buaidh nam planaichean air coimhearsnachdan eileanach Dihaoine.
Thuirt Maighstir MacNèill gu bheil HIAL a' caitheamh airgid poblaich leis an sgeama, is iad mar thràth air £6.5m a chosg air, agus gun deigheadh cosnaidhean luachmhor a chall ann am Beinn na Fadhla agus Leòdhas.
Thuirt Còmhdhail Alba nach d' fhuair iad molaidhean nas freagarraiche airson seirbheisean-iùil a leasachadh - rud a tha riatanach, tha iad ag ràdh, airson seirbheisean adhair nas seasmhaiche a stèidheachadh dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.